Meanbh-bhus airson obair òigridh ¦ Minibus for youth work

‘S e cathranas Albannach a th’ ann an Comunn na Gàidhlig a bhios ag obair air feadh na dùthcha gus cothroman a chruthachadh airson òigridh agus coimhearsnachdan. Bu toigh leinn ar n-obair a leudachadh agus a cur air bunait nas làidire le bhith ceannach meanbh-bhus airson obair òigridh ‘s choimhearsnachd.

Le bhith cumail taic ris a’ phròiseact seo, bidh thu a’ leudachadh chothroman do dh’òigridh gus Gàidhlig a chleachdadh.

Comunn na Gàidhlig is a Scottish charity which works throughout the country to create opportunities for communities and young people to use Gaelic. We would like to expand our work and place it on a more substantial footing by purchasing a minibus for use with youth and community activities.

By supporting this project, you will be directly contributing to the expansion of opportunities for young people to use Gaelic.

Cò sinn ¦ Who are we?

Chaidh CnaG a stèidheachadh ann an 1984. Bidh sinn ag obair air feadh na h-Alba leis a’ phrìomh oifis againn ann an Inbhir Nis. ‘S e cathranas a th’ annain agus tha a’ Ghàidhlig aig cridhe ar n-obair. Bidh a’ bhuidheann ag obair tro mheadhan na Gàidhlig le oifigearan ann an Ìle, Leòdhas, Na Hearadh, Inbhir Nis, Uibhist, Barraigh, Muile, Loch Abair, Dùn Èideann, Glaschu agus An t-Eilean Sgitheanach.

An dràsta, bidh sinn a’ tabhann chothroman do dh’òigridh le campaichean, sgitheadh, tursan dhan bhaile mhòr, Duais Iain Muir, seinn nan salm, deasbadan, cuach na cloinne agus prògraman ionadail tron bhliadhna.

CnaG was established in 1984. We work through out Scotland with our main office in Inverness. We are a charity and the Gaelic language is at the heart of everything we do. Our organisation works through the medium of Gaelic with officers in Islay, Lewis, Harris, Inverness, Uist, Barra, Mull, Lochaber, Edinburgh and Skye.

Right now, we provide opportunities for young people to use Gaelic through events such as camps, skiing, trips to the city, John Muir awards, psalm singing, debating competitions, football tournaments and various local programmes throughout the year.

Òigridh – dòchas a’ chànain! ¦ Youth – future of the language!

Tha sinn airson gum bi barrachd daoine òg le Gàidhlig. Le fàs ann am foghlam Gàidhlig, tha e air leth cudromach gum bi cothrom aig òigridh Gàidhlig a chleachadh taobh a-muigh na sgoile ann an suidheachadh spòrsail, inntinneach a leigeas leotha an cuid Ghàidhlig a chleachdadh.

Thèid am bus seo a chleachdadh air feadh na h-Alba, airson tachartas òigridh leithid Campa Sradagan, Tursan Sgithidh, Duais Iain Muir, prògram samhraidh ann an Leòdhas, prògraman cur-seachadan le sligheadaireachd agus eile.
Meanbh-bhus ¦ Minibus

Bu toigh leinn meanbh-bhus Ford Transit no eile (17 àitean) a cheannach. Cosgaidh seo mu £36,000. Tha sinn a’ dol a chosg cuid den stòras againn fhèin agus an dùil iarrtasan a chur a-steach airson maoineachadh. Ma thèid againn air maoineachadh a thogail bhon choimhearsnachd, tha sinn ann an suidheachadh nas làidire agus ni e diofar mhòr.

Tha sinn feumach air meanbh-bhus gus barrachd obair òigridh a dhèanamh agus cosgaisean màil a chumail sìos. Le goireas mar seo, thèid againn air cur-seachadan, prògraman agus tachartasan a bharrachd a chur air dòigh airson òigridh ann an Alba. Thèid am bus a chleachdadh air feadh na dùthcha.

We would like to purchase a Ford Transit (17 seats) or similar minibus. This will cost approximately £36,000. We have committed to spending some of our own charitable resources and also intend to apply for grants. Being able to say that the wider community was able to contribute £10,000 would make all the difference.

We need a minibus in order to expand our work with young people and keep rental costs to a minimum. The more we keep within the Gaelic economy, the more we can spend on youth work. With a minibus we can offer more activities, programmes and events for the young people of Scotland.

Leave a comment

Filed under Gàidhlig, Scotland

Leave a Reply

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s